×
Corrigir

Finbarr Saunders

Anne Murray

Bidh mi smaointinn gaol na h-òig'
'S an òigh thug mi á garrabost
Gun tug sinn fichead bliadhna pòsd'
Ach brònach chaidh ar dealachadh

Thug sinn fichead bliadhna pòsd'
Is bha sinn òg ri leannanachd
Is 'nuair a b' fhèarr a bha ar dòigh
Nach brònach rinn sinn dealachadh

Chan iongnadh ged a dh' fhàsainn liath
'S mo chiabhagan bhith tanachadh
Ma theid mi tarsuinn air an t-sàil'
'S ga fàgail ann an aignis

Cha d' smaoinich sinn a riamh 's I beò
Gu 'm biodh cuan mòr 'g ar dealachadh
Gu 'm biodh I adhlaicht' air an aoidh
Is mis' fo chraoibh an canada






Mais tocadas

Ouvir Anne Murray Ouvir