×
Corrigir

'S Fhada Leam An Oidhche Gheamhraidh

Anne Murray

Sèist:
Faili faili faili o ro
Faili faili faili o ro
Faili faili faili o ro
'S cian nan cian bho dh'fhàg mi leodhas

'S fhada leam an oidhche gheamhraidh
'S fhada 's fhada 's fhada leam I
'S nach fhaic mi ach prèiridh lom ann
'S cha chluinn tonn ri tighinn gu tràigh ann

(Sèist)

'N àm do'n fheasgar a bhi ciaradh
'S tric a bhios mo spiorad cianail
Smaoineachadh g'eil cian nan cian uam
Far 'm bu mhiann leam dhol a chèilidh

Sgap an comunn, sgaoil na fiùrain
Is tha mòran dhiubh 's an ùir orr'
Chunnaic mise cridheil sùrdail
'S o bu shùgradh bhi gan èisdeachd?

(Sèist)

Ach càite nis a-nochd an teid mi?
Chan eil cèilidh air a' phrèridh
'S o chan fhaic mi'n àm dhomh èirigh
'N àirde 'g èiridh ceò na mònach

(Sèist)






Mais tocadas

Ouvir Anne Murray Ouvir