×
Corrigir

Fhir An Leadain Thlàth

Flora MacNeil

Fhir an leadain thlàth
Dh'fhàg thu mi fo bhròn

Fhìr chùl dualaich chleachdaich
'S bòidhche snuadh ri fhaicinn
Tha do ghaol an tasgaich
'N seòmar glaist' nam fheòil

Fhìr an leadain chraobhaich
B'òg a rinn thu m'aomadh
Thug thu mi o m'dhaoine
Fhuair mo shaonthair òg

Fhir an leadain laghaich
'S tu mo rùn 's mo roghainn
Nan sguireadh tu thadhal
'S an tigh 's am bi'n t-òl

An toiseach a' gheamhraidh
'S ann a ghabh mi geall ort
Shaoil leam gum bu leam thu
'S cha do sheall thu 'm chòir

'N gàire rinn mi'n uiridh
Chuir mo cheum an truimead
'S mise tha gu duilich
'S muladach mo cheòl

Tha mi trom an dràsd'
'S e sin fàth mo dheòir






Mais tocadas

Ouvir Flora MacNeil Ouvir