×
Corrigir

Òganaich An Òr-fhuilt Bhuidhe

Kathleen MacInnes

Òganaich an òr-fhuilt bhuidhe
Leat a chinneadh sealg is sitheann
'S ann ad ghruaidh a bhiodh an ruthadh
Nuair a bhiodh tu siubhal bheann

Nuair a dhìreadh tu na stùcan
Leis a' ghunna caol nach diùltadh
'S e do luaidhe ghorm is d' fhùdar
Chuireadh smùid air feadh nan gleann

Òganaich an òr-fhuilt shnìomhain
Dh'fhàg thu saca trom air m' inntinn
'S mura tig thu nall don tìr seo
Mo thoil-inntinn bidh air chall

Gu bheil a bhlàth siud air mo ghruaidhsa
Gun tug mi dhut gaol nach fuaraich
Dh'innis iad gun tug thu fuath dhomh
Ach cha chreid mi, luaidh, an cainnt

Ged a chuirte mi an iarainn
Fhad 's bu bheò mi gam phianadh
Cha chuir mi do ghaol air dìochuimhn'
Seo a' bhliadhna liath mo cheann






Mais tocadas

Ouvir Kathleen MacInnes Ouvir