×
Corrigir

A' Mhic Dhùghaill 'Ic Ruairidh

Maggie MacInnes

A mhic dhùghaill 'ic ruairidh
Chuir am buaireadh fo m'chèill-sa
Chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch ghrèidheadh

Chuir an tainead mo ghruaidhean
'S a dh'fhàg mo ghruag air dhroch ghrèidheadh
Is diombach mise dha m'phiuthair
Nighean bhuidhe an fhuilt steudaich

Is diombach mise dha m'phiuthair
Nighean bhuidhe an fhuilt steudaich
Is cha bhuidheach mi dha m'mhàthair
Is òg a chàirich I bhreug orm

Is cha bhuidheach mi dha m'mhàthair
Is òg a chàirich I bhreug orm
Mo mhìle beannachd aig m'athair
'S e nach gabhadh droch sgeul orm

Mo mhìle beannachd aig m'athair
'S e nach gabhadh droch sgeul orm
Mo mhìle mollachd aig a'bhuachaille
Bha ri uallach na sprèidhe

Mo mhìle mollachd aig a'bhuachaille
Bha ri uallach na sprèidhe
Chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch ro latha mus d'èirich

Chaidh a dhùsgadh nam balach
Moch ro latha mus d'èirich
'S ann a'dìreach a'ghàrraidh
Leig thu ghràidh a'chiad èigh as'd

'S ann a'dìreach a'ghàrraidh
Leig thu ghràidh a'chiad èigh as'd
'S ann a'teàrnadh a'bhruthaich
Fhuair thu'm bruthadh a lèir thu

'S ann a'teàrnadh a'bhruthaich
Fhuair thu'm bruthadh a lèir thu
Gu robh fuil do chuim chùbhraidh
A'drùdhadh ro' d'lèinidh

Gu robh fuil do chuim chùbhraidh
A'drùdhadh ro' d'lèinidh
Is ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi
Cha do shlànaich do chreuchdan

Is ged a dh'òl mi ghaoil pàirt dhi
Cha do shlànaich do chreuchdan
Is truagh nach robh mi an sasunn
Am beul-feirst n'an dun eideann

Is truagh nach robh mi an sasunn
Am beul-feirst n'an dun eideann
Nan tìr nam fear dubha
Na'n coige mhutha na h-eireann

Nan tìr nam fear dubha
Na'n coige mhutha na h-eireann
Mun do chuir mi ort grabadh
Moch 's a mhadainn 's tu g'èirigh

Mun do chuir mi ort grabadh
Moch 's a mhadainn 's tu g'èirigh
Mun do chuir mi riamh Iùil ort
A lùb uir a'chùil cheutaich






Mais tocadas

Ouvir Maggie MacInnes Ouvir