×
Corrigir

Is Moch An Diugh A Rinn Mi Gluasad

Maggie MacInnes

Fal u hil o hilling is o
Fal u hil o ho ro eile

Is moch an diugh a rinn mi gluasad
Dhìrich mi mach a' bheinn ghruamach

Fal u hil o ho ro eile
Fal u hil o hilling is o
Fal u hil o ho ro eile

Dhìrich mi mach a' bheinn ghruamach
Shuidh mi air cnoc an fhraoich uaine

Shuidh mi air cnoc an fhraoich uaine
Sùil dhan tug mi air mo ghualainn

Sùil dhan tug mi air mo ghualainn
Chunnaic mi tighinn na h-uaislean

Chunnaic mi tighinn na h-uaislean
Air choltais Raghaill 'is Ruaraidh

Air choltais Raghaill 'is Ruaraidh
Dh'aithnich mi nach robh luaidh ann

Dh'aithnich mi nach robh luaidh ann
Is math tha fios 'am dè chùm bhuam thu

Is math tha fios 'am dè chùm bhuam thu
'S tè eile aig baile 'gad bhuaireadh

'S tè eile aig baile 'gad bhuaireadh
'On is ise 's truime buaile

'On is ise 's truime buaile
'S mise as càirdich dha na h-uaislean

Composição: Traditional





Mais tocadas

Ouvir Maggie MacInnes Ouvir